[Intro]
Hò rò bho hi
Hò rò bho hò rò bho
Hò rò bho hi ò
Trobhad is coisich rium (Hò rò bho hi)
Ri taobh a’ chuain (Hò rò bho hò rò bho)
Is seallaidh mi dhut Tìr a’ Mhurain (Hò rò bho hi ò)
[Verse 1]
Fàilte gu mo dhàn
Sìol is meas nam bàrd
Am foghar bha feitheamh orm
Bhon an latha a bha mi òg
[Chorus]
Trobhad is coisich rium
Ri taobh a’ chuain
Is seallaidh mi dhut Tìr a’ Mhurain
[Verse 2]
Fàilte gu mo thìr
Eilean geal an iar
An t-àit’ a chì gach tuigs’ is fìrinn
Glaiste na mo chridhe
[Chorus]
Trobhad is coisich rium
Ri taobh a’ chuain
Is seallaidh mi dhut Tìr a’ Mhurain
[Instrumental]
[Verse 3]
Fàilte gu mo chainnt (Mo chainnt)
Is i dh’ionnsaich mi nam phàist’ (Nam phàist’)
Cànan uasal mòr nan Gàidheal
Mar bhratach dhomh gach latha (Mar bhratach dhomh gach latha)
[Chorus]
Trobhad is coisich rium
Ri taobh a’ chuain
Is seallaidh mi dhut Tìr a’ Mhurain
[Verse 4]
’S ged a dh’fheuch iad cur às dhuinn
Chì mo theaghlach cnoc nan linn
’S ged tha ar cànan leòint’ le strì
San tìr seo bidh i beò
[Chorus]
Trobhad is coisich rium
Ri taobh a' chuain
Is seallaidh mi dhut Tìr a' Mhurain
Trobhad is coisich rium (Hò rò bho hi)
Ri taobh a’ chuain (Hò rò bho hò rò bho)
Is seallaidh mi dhut Tìr a’ Mhurain (Hò rò bho hi ò)
[Outro]
Tìr a’ Mhurain
Tìr a’ Mhurain
Fàilte, fàilte, fàilte
Tìr a’ Mhurain