Tha ’m ball air fhuasgladh
Is tha sinn gluasad
Air a’ chuan, air a’ chuan
Tha sinn seòladh
Tro thonnan uaine
Air a’ chuan, air a’ chuan
Air cùrsa deònach
Tha sinn seòladh
Air a’ chuan, air a’ chuan
Fad’ bho thìr
’S an talamh àghmhor
Air a’ chuan, air a’ chuan
’S mi a’ sealltainn mun cuairt
’S mi cho fada bhuat
Càil ach muir, tonnan is cuan
O mo rùn
Tha a’ ghaoth a’ sèideadh
Nan tonnan fiadhaich
Air a’ chuan, air a’ chuan
Tro thonnan fiadhaich
Is droch shìde
Air a’ chuan, air a’ chuan
Cho domhain an cuan
Cho luachmhor an uair
Nach mair fada buan
O mo rùn
[Instrumental]
Sinn a’ treabhadh
Tron an oidhche
Air a’ chuan, air a’ chuan
Siubhal sàbhailteach
Is madainn shunndach
Air a’ chuan, air a’ chuan
Thig crìoch air an t-saoghal
Is thig crìoch air daoin’
Ach mairidh ceòl is mairidh gaol
O mo rùn
[Instrumental]
A' seòladh
A’ seòladh
A’ seòladh
A’ seòladh (A’ seòladh)
A’ seòladh (A’ seòladh)
A’ seòladh