[Verse 1]
Dorch’ a-nochd tha ’n t-Eilean
Dathan air am fuadach far nam beann
Tha faileas a’ tuiteam bhon an Stòr
Mar d’ fhalt dorch’ a’ suabadh do cheann
[Chorus]
Hòrò Mhàiri ò
Hòrò Mhàiri ò
Hòrò Mhàiri ò
’S mi gad ionndrainn hò-rò
[Verse 2]
Dè math an tobar gun an t-uisge
Dè math an corp gun chridh’
Nam biodh neart an Stòir nam làmhan
Bhiodh sinn ler cheile san Eilean a-rithist
[Chorus]
Hòrò Mhàiri ò
Hòrò Mhàiri ò
Hòrò Mhàiri ò
’S mi gad ionndrainn hò-rò
[Verse 3]
’S dòch’ nach fhaigh sinn nèamh no beatha eile
Nuair a dhùineas sùilean aig deireadh lath’
Ach fhuair mi mo nèamh an seo san àite
Far an tug thu dhomh do làmh ’s do chridhe slàn
[Chorus]
Hòrò Mhàiri ò
Hòrò Mhàiri ò
Hòrò Mhàiri ò
’S mi gad ionndrainn hò-rò
Hòrò Mhàiri ò
Hòrò Mhàiri ò
Hòrò Mhàiri ò
’S mi gad ionndrainn hò-rò
[Instrumental]
Hòrò mo Mhàiri ò