Runrig
Fichead Bliadhna / Na Luing air Seòladh
[Verse 1]
Ruith sa mhonadh, ruith nam beann
’S mar sin dhan sgoil aig deireadh samhraidh
Nar clann aig còig bliadhna dh’aois
’S gun facal Beurla nar ceann

[Verse 2]
Seo do leabhar, seo do pheann
"Dèan do leasan," thuirt iad riumsa
"’S gun èirich sibh suas anns an t-saoghal
’S gheibh sibh an adhart ann"

[Chorus]
Fichead bliadhna airson fìrinn
B’ fheudar dhomh feitheamh ’s b’ fheudar dhomh lorg
Fichead bliadhn’ de bhreugan
Thug iad eachdraidh air falbh bhuainn, ò

[Instrumental]

[Verse 3]
Dh’ionnsaich sinn a leithid ann
Cànan ’s bàrdachd, bàrdachd Beurla
Ceòl na Gearmailt, eachdraidh Spàinnt
’S b’ e sin an eachdraidh mheallt
[Verse 4]
Bhon sgoil don Oilthigh chaidh sinn ann
A’ leanail foghlaim, tuilleadh foghlaim
Mar amadan air deireadh sreang
Seòrsa de dh’fhoghlam nam cheann

[Chorus]
Fichead bliadhna airson fìrinn
B’ fheudar dhomh feitheamh ’s b’ fheudar dhomh lorg
Fichead bliadhn’ de bhreugan
Thug iad eachdraidh air falbh bhuainn, ò

[Instrumental]

[Verse 5]
Ach dh’èirich mi suas anns an t-saoghal
Fhuair mi deise, ’s fhuair mi lèine
Fhuair mi àit’ ann an sùilean dhaoin’
Fada bhon mhonadh mi ’n-dràst’

[Verse 6]
Carson a chùm iad eachdraidh bhuainn?
Innsidh mi dhut, tha iad gealltach
Mas èirich clann nan Gàidheal suas
Le ceistean sireach is cruaidh
[Chorus]
Fichead bliadhna airson fìrinn
B’ fheudar dhomh feitheamh ’s b’ fheudar dhomh lorg
Fichead bliadhn’ de bhreugan
Thug iad eachdraidh air falbh bhuainn, ò

[Coda]
Nuair a thòisich mi air lorg
Cha do chreid mi mo shùilean, obair olc

[Spoken]
"Is iomadh rud a chunnaic mi ri mo latha agus ri mo linn. Chunnaic mi na mnathan a’ cur na cloinne anns na cairtean a bha dhan cur on Ìochdar agus o Bheinn na Faoghla. Fir phòsta ceangailte rin taobh gun chomas làimh cuideachaidh a thoirt dhaibh. Chunnaic mi na fir mhòra làidir, ceatharnaich an t-saoghail, dhan ceangal air cidhe Loch Baghasdail agus dhan tilgeil anns an luing mar an crodh. Dh’fhalbh iad uile gu sràidean Ghlaschu agus gu fàsaichean Chanada, a’ chuid dhiubh nach do bhàsaich le acras agus le plàigh a’ dol a-null air a’ chuain. Aig Dia nan dùl agus aigesan a-mhàin tha fios air obair ghràineil dhaoine an latha ud."

Fichead bliadhn’, fichead bliadhn’
Fichead bliadhn’ ’s mi aineolach
Fichead bliadhn’, fichead bliadhn’
Fichead bliadhn’ ’s mi aineolach
Fichead bliadhn’, fichead bliadhn’
Fichead bliadhn’ ’s mi aineolach
Fichead bliadhn’, fichead bliadhn’
Fichead bliadhn’ ’s mi aineolach

[Instrumental]