[Verse 1]
Bha mi raoir a’ siubhal drathair
’S thàinig dealbh do mo làimh
Dealbh mo sheanmhar is mo sheanar
’S balach òg na shuidh’ rin taobh
[Verse 2]
’S iad ’g obair aig na sguaban arbhair
Shuidh mi gan coimhead fad na h-oidhch’
Thàinig cianalas nam chridhe
’S thàinig cuideam na mo làimh
[Chorus]
Uair eile gu bhith dhachaigh
Uair eile gu bhith beò
Ruith mun cuairt nan sguaban arbhair
Uair eile gu bhith òg
[Verse 3]
Chan e aois a tha mi sabaid
Chan e mo bheatha nach eil slàn
’S e bhith fuireach ann an saoghal maide
Le chuid daoin’ nach tuig mo chainnt
[Chorus]
Uair eile gu bhith dhachaigh
Uair eile gu bhith beò
Ruith mun cuairt nan sguaban arbhair
Uair eile gu bhith òg
[Verse 4]
Dh’fhalbh mo sheanmhair is mo sheanair
Thuit na sguaban arbhair sìos
Dh’fhalbh mi gu saoghal eile
’S dh’fhalbh a’ Ghàidhlig bho mo bheul
[Chorus]
Uair eile gu bhith dhachaigh
Uair eile gu bhith beò
Ruith mun cuairt nan sguaban arbhair
Uair eile gu bhith òg
Uair eilе gu bhith dhachaigh
Uair eile gu bhith beò
Ruith mun cuairt nan sguaban arbhair
Uair еile gu bhith òg
Uair eile gu bhith òg